Naidheachdan 11:00m
Cuideachadh gu Bàs
Tha bile ùr airson lagh fo am biodh e ceadaichte duine a chuideachadh gu bàs a' dol mu choinneimh na Pàrlamaid Albannaich an-diugh. 'S e ball Libearalach Deamocratach Arcaibh, Liam MacArtair, a thog am bile, a tha ag iarraidh a dhèanamh laghail taic a thoirt do dhaoine air a bheil tinneas nach gabh leigheas am beatha a thoirt gu crìch cho fad 's gu bheil tuigse agus an comasan eanchainn aca. Cha do shoirbhich oidhirpean ron seo air an lagh atharrachadh an Alba. Tha feadhainn de na h-eaglaisean am measg na tha a' cur teagamh sna molaidhean.
Manchester
Thàinig casg gu bith an-diugh air siubhal eadar Alba agus Manchester is Salford. Thuirt Mèar Mòr-Sgìre Mhanchester, Andy Burnham, gu bheil na bacaidhean a' dol ro fhada, 's tha esan ag iarraidh airgid dhìolaidh bho Riaghaltas na h-Alba. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil na bacaidhean stèidhichte air an fhiosrachadh as ùire a th' ann mu àireamhan a' Choròna-bhìorais ann am Manchester agus Salford.
Bùthainnean Mòra
Chaidh luach earrainnean nam bùthainnean as motha ann am Breatainn suas gu mòr sa mhadainn an-diugh le dearbhadh gun do dhiùlt Morrison's tairgse airson an ceannach bho chompanaidh ionmhais anns na Stàitean Aonaichte. Dh'èirich luach Morrison's an treas cuid nuair a dh'fhosgail na margaidhean, agus bha àrdachadh ann an earrainnean Sainsbury's agus Tesco an dèidh fathannan gun robh sùil aig companaidhean à dùthchannan cèine orrasan cuideachd.
Na Hearadh
Tha Buidheann Leasachaidh na Hearadh a' coimhead airson fearainn air an gabh taighean togail. Chuir iad litir a-mach dhan choimhearsnachd ag iarraidh an taice, agus an litir ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air taighean do dhaoine òga an eilein fhèin, agus do dh'fheadhainn a tha a' tighinn a dh'obair agus a dh'fhuireach ann.
Oifisean Puist
Tha Baile an Todhair air taobh sear Rois am measg nam bailtean beaga Albannach a tha ag iomairt airson Oifis a' Phuist aca a shàbhaladh. 'S ann ann am bùth Spar a' bhaile a tha Oifis a' Phuist ann am Baile an Todhair an-dràsta, ach cho-dhùin stiùirichean Spar o chionn ghoirid seirbheisean puist ann an 39 de na bùthainnean a th' aca an Alba a dhùnadh eadar seo agus deireadh na bliadhna.