Dearbhadh air suim airgid do dh'eileanaich ùra

  • Air fhoillseachadh
Cidhe CholbhasaTùs an deilbh, RudeHealth/Geograph

Dhearbh Ministear ùr nan Eilean, Màiri Gougeon, gum bi Riaghaltas na h-Alba a' toirt a-steach taic-airgid a bhrosnachdadh dhaoine a dhol a dh'fhuireach ann an eileanan na dùthcha.

Gheall manifesto an SNP gum faigheadh teaghlaichean agus daoine òga taic-airgid luach suas ri £50,000 airson stad a chur air crìonadh sluaigh.

"Bidh sinn a' cur a-mach clàr-ama fhathast a thaobh cuin a tha dùil againn seo a dhèanamh," thuirt Ms Gougeon.

"Ach theirinn cuideachd gum bi sinn, gu follaiseach, a' gabhail comhairle air mar a bu chòir an siostam pàighidh sin obrachadh, ach tha sinn den bheachd gur e sin co-dhiù aon rud a bhrosnaicheas daoine a dhol a dh'fhuireach agus obrachadh anns na coimhearsnachdan eileanach againn," thuirt i.