
Tha poilis a' sireadh fiosrachaidh mu dhroch thubaist air an A9 deas air Inbhir Nis feasgar Disathairne.

Bha bus, le 39 air bòrd - 36 sgoilearan àrd-sgoile, an tidsear aca, dràibhear agus co-dhràibhear agus càr Skoda Octavia airgid an-sàs anns an tubaist.
B'i boireannach 45 bliadhna a dh'aois a bha a' dràibheadh a' chàir agus bha dithis chloinne còmhla rithe, 9 agus 7 bliadhna a dh'aois.
Thachair an tubaist aig A' Mhuaigh, deas air Inbhir Nis mu 4.45f Disathairne.
Chaidh dràibhear a' chàir a thoirt gu ospadal Rìoghail Obar Dheathain agus i air a droch leòn.
Chaidh an dithis chloinne sa chàr, agus fireannach 48, co-dhràibhear a' bhus a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir. Bha iadsan cuideachd air an leòn gu dona.
Cha deach duine eile a bha an-sàs anns an tubaist, dràibhear a' bhus (64) neo na sgoilearan agus an tidsear aca a ghoirteachadh agus cha robh iad feumach air cobhair sam bith.
Bha an rathad dùinte a' dol gu tuath agus deas fad mu 10 uairean a thìde fhad's a bha rannsachadh tubaist a' leantainn.
Tha Poilis Alba a' sireadh fiosrachaidh fhathast mun tubaist agus tha iad ag iarraidh air duine a chunnaic na thachair agus nach eil air bruidhinn ri oifigearan poilis fhathast fios a chur thuca.
Tha iad cuideachd ag iarraidh air duine a bha air an rathad timcheall air 4.45f Disathairne 19mh Òg-Mhios aig a bheil clàraidhean dashcam sùil a thoirt orra agus fios a chur thuca le dealbhan sam bith a dh'fhaodadh a bhith gu feum.
Faodar fios a chur gu na poilis air 101, a' cleachdadh àireamh 2981 agus an ceann-là.