
Tha deuchainnean Covid luath gan tabhainn an t-seachdain seo air daoine a tha a' fuireach ann an Alanais agus Inbhir Ghòrdain.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil na deuchainnean gan tabhainn air daoine air nach eil comharran sam bith den bhìoras airson sgapadh Covid a ghearradh agus misneachd a thoirt do dhaoine deuchainnean Lateral Flow a chleachdadh.
'S iad NHS na Gàidhealtachd agus Comhairle na Gàidhealtachd a th' air cùlaibh nan deuchainnean.
Bidh deuchainnean ri fhaighinn ann an Alanais aig pàirc chàraichean Rathad Obsdale bho 09:30m gu 4:30f eadar Diluain agus Diciadain agus aig na h-aon amannan Diardaoin agus Dihaoine aig pàirc chàraichean Natal Gardens ann an Inbhir Ghòrdain.
Faodaidh daoine nochdadh gun fios a chur ro làimh agus gheibh iad buil an deuchainnean air teacsa no le post-d.