Duais an Duine as Làidire a' dol gu Albannach

  • Air fhoillseachadh
Tom Stoltman

'S e Tom Stoltman a' chiad Albannach a th' air tiotal An Duine as Làidire san t-Saoghal a chosnadh.

Bhuannaich Stoltman, a tha 6tr. is 8òir, anns a bheil 397 punnd de chuideam, agus a bhuineas do dh'Inbhir Ghòrdain, an duais ann an Sacremento an California.

Tha tiotal An Duine as Làidire an Alba aige mu thràth agus tha a bhràthair Luke, a tha nas sine na Tom, a tha 27, air duais na h-Alba a bhuannachadh còig tursan.

Autism

Tha e air bruidhinn mu na trioblaidean a th' air a bhith aige le autism, is e ag ràdh nach b' urrainn dha a dhol a-mach na aonar uaireanan nuair a bha e na dheugaire.

Bha farpais An Duine as Làidire san t-Saoghal a' ruith eadar an 15mh agus am 20mh den Òg-Mhìos.

Anns an fharpais, bha aig na farpaisich ri ruith le slige càr air am muin agus sreath de chlachan a tha a' fàs nas truime a thogail - am measg eile.

B' e Tom a bh' anns an dàrna àite anns an fharpais an-uiridh.

Ball-coise

Tha meas mòr aig Tom air ball-coise agus bhiodh e a' seachnadh na sgoile airson ball-coise a chluich no a choimhead nuair a bha e òg.

Thuirt e gun do chuidich ball-coise, cuide ri taic bho theaghlach is daoine eile, e ann a bhith a' dèiligeadh ri autism.