Iomairt dìon chloinne

  • Air fhoillseachadh
ClannTùs an deilbh, Getty Images

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur air dòigh iomairt airson taic a chumail ri cloinn a dh'fhaodadh a bhith a' fulang droch dhìol no mì-chùraim.

Le làithean-saora na sgoile a' tòiseachadh air an 25mh Ògmhìos, tha a' Chomhairle airson 's gum bi daoine anns a' choimhearsnachd mothachail gum bi cuid de chloinn air a bhith a' fulang tro àm a' Phandemic.

Thuirt Cathraiche Comataidh Dìon na Cloinne, Mhàiri Ghrannd, gum bi a' mhòr-chuid de chloinn agus daoine òga a' coimhead air adhart ri na saor-làithean, a' fuireach le caraidean, no càirdean.

Pandemic

"Ach airson cuid dhiubh, tha iad air fulang gu mòr tron Phandemic.

"Às dèidh mhìosan far nach robh sinn a' faicinn càch a chèile, 's ann an-dràsta a tha sinn a' mothachadh gu bheil rudeigin ceàrr orra" thuirt i.

"Tha an iomairt, For Kids' Sake ag amas air gach neach anns na coimhearsnachdan againn a bhith mothachail air a' chloinn a tha timcheall oirnn 's ma tha iomagain oirnn mun deidhinn, bu chòir taic fhaighinn dhaibh.

"Faodaidh clann ùine mhòr a chur seachad mus can iad gu bheil rudeigin ceàrr 's gu bheil iad air a bhith a' fulang droch dhìol no dì-chùraim.

Èist

"Ach ma dh'èisteas sinn gu dlùth, agus ma chumas sinn sùil airson comharran sam bith - gu h-àraidh ma tha pàiste gan giùlain fhèin ann an dòigh gu tur eadar-dhealaichte bhon àbhaist, dh'fhaodar stad a chur air an dìol" thuirt Ms Ghrannd.

"Tha e nas fheàrr rudeigin a ràdh an àite a bhith a' fàgail chùisean mar a tha iad agus tha taic, taobh a-muigh ri fhaighinn bho luchd-obrach Shòisealta.