Naidheachdan 11:00m

Bacaidhean

Tha dùil ri dearbhadh an-diugh bho Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach tèid riaghailtean Covid na h-Alba a thogail an ath-sheachdain. Tha sin a' ciallachadh dàil ann a bhith a' cur mòran de dh'Alba sìos gu Ìre 0. Bidh fiosrachadh aig Ms Sturgeon an-diugh cuideachd air an astarachadh shòisealta dà mheatar, le dùil, 's dòcha, ri beagan faothachaidh an sin.

Foghlam

Bheir Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley-Anne Somerville, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba feasgar mu cho-dhùnadh an Riaghaltais cur às do dh'Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, an SQA. Tha seo an dèidh ath-sgrùdaidh agus càinidh air an SQA mu thoradh nam measaidhean air obair na cloinn-sgoile nuair a chuir am Pandemic às dha na deuchainnean foirmeil.

Emma Faulds

Chaidh innse do dh'fhear a bha na oifigeach prìosain aig aon àm gum bi e fhèin 20 bliadhna sa phrìosan air a' char as giorra. Chaidh Ross Willox, a tha 42 bliadhna de dh'aois, fhaighinn ciontach air a' mhìos a chaidh gun do mhuirt e Emma Faulds ann am Monkton, ann an Siorrachd Àir, anns a' Ghiblean ann an 2019. Chaidh innse dha an-diugh gum feum e 20 bliadhna chur seachad sa phrìosan mus bi cead aige paròl iarraidh.

Eileanaich Ùra

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gum pàigh iad daoine a thèid a dh'fhuireach anns na h-Eileanan. Gheall an SNP sin nam manifesto mar dhòigh air dèiligeadh ri crìonadh an t-sluaigh sna h-Eileanan. Thuirt Ministear nan Eilean, Màiri Gougeon, gum faigh teaghlaichean agus daoine òga luach suas ri £50,000 de thaic-airgid airson am brosnachadh an dachaigh a dhèanamh anns na h-Eileanan.

A' Ghàidhlig

Tha aon de bhuidhnean iomairt na Gàidhlig, Misneachd, ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba àrdachadh susbainteach a thoirt air an taic-airgid dhan Ghàidhlig. Agus tha Misneachd ag ràdh nach e tuilleadh airgid a tha a dhìth ach reachdas ùr cuideachd, stèidhichte air na th' aca ann an Èirinn, airson sgìrean "Gàidhealtachd" sònraichte a chomharrachadh ann an Alba.