Albannaich "neo-sheasmhach"

  • Air fhoillseachadh
GoileadairTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn am pròiseact tomhas air cuideam co-cheangailte ri buaidh air na th' ann de stuthan - cumhachd nam measg.

Tha rannsachadh ùr mu na tha muinntir na h-Alba a' cleachdadh de stuthan leithid meatailte, plastaig agus cumhachd air sealltainn gu bheil an dùthaich a' cleachdadh a dhà uimhir de na tha seasmhach.

Fhuair pròiseact Zero Waste Scotland gun do chleachd an sluagh còrr air 18.4 tunna an duine - is sin gu mòr air thoiseach air an ìre san Roinn Eòrpa.

Tha measadh air a bhith ga dhèanamh roimhe air lorg càrboin muinntir na h-Alba, ach tha an dòigh measaidh ùr seo a' coimhead air cuideam nan stuthan air fad a tha sinn a' cleachdadh, ach uisge a-mhàin.

Tha e a' toirt a-steach mar eisimpleir biadh, meatailt, plastaig, aodach agus pàipear.

Tha an àireamh airson gach duine còrr is ceithir tunnaichean nas àirde na thathar a' meas san Roinn Eòrpa.

Tha an seòrsa sgrùdaidh seo ga fhaicinn le Zero Waste Scotland mar dhòigh gus còmhradh a thòiseachadh le gnothachachasan agus daoine eile mu na tha iad a' cleachdadh, agus beachdachadh a dhèanamh air mar a thèid seo a lùghdachadh.