Corp ga lorg air Beinn Nibheis

  • Air fhoillseachadh
Sarah BuickTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Sgaoil Ms Buick an dealbh dhith fhèin air mullach na beinne air na meadhanan sòisealta aig 05:00m Dimàirt.

Chaidh corp boireannaich a lorg le luchd-cobhair a bha a' sireadh tè a chaidh a dhìth an dèidh a dhol a shreap air Beinn Nibheis.

Chuir Sarah Buick, 24, à Dùn Dè, dealbh dhith fhèin air na meadhanan sòisealta madainn Dimàirt air mullach na beinne, ach chuireadh fios air na seirbheisean èiginn nuair nach do thill i.

Thuirt Poilis Alba nach deach an neach a chaochail ainmeachadh gu foirmeil ach gun deach fios a chur air teaghlach Ms Buick.

Chan eil dad amharasach mun chùis, thuirt na Poilis, agus thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.