Naidheachdan 11:00m

Bacaidhean Covid

Rinn luchd-gnothaich toileachadh ris a' cheann-là a chaidh ainmeachadh airson an ath-cheum ann an togail bhacaidhean Covid na h-Alba, ach tha iad ag ràdh gum feum an Riaghaltas taic a chumail riutha airson ùine fhathast. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an-dè gur ann air an 19mh là den Iuchair a tha dùil Alba a chur gu Ìre 0, an ìre as lugha de riaghailtean Covid. Tha sin trì seachdainnean nas anmoiche na bha dùil, gus am faigh tuilleadh den t-sluagh banachdach. Thuirt Ms Sturgeon gu bheil iad ag amas air na bacaidhean gu lèir a thogail air an 9mh den Lùnastal.

Siubhal

Nì riochdairean gnìomhachas an t-siubhail togail fianais taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Tha dùil ri mu 250 duine aig Holyrood agus iad a' gearain gun deach an trèigsinn le bacaidhean a' Phandemic. Iarraidh iad taic dhan ghnìomhachas, soilleireachd mun fhiosrachadh leis a bheil casg ga chur air siubhal, plana 'son tilleadh gu siubhal eadar-nàiseanta agus siostam dheuchainnean Covid a bhios saor agus sìmplidh.

Deasbad

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air Plana Nàiseanta ùr na Gàidhlig. 'S e ball nan Eilean Siar aig Holyrood, Alasdair Allan, a tha a' cur an deasbaid air adhart. Tha an Dr Allan airson aire na Pàrlamaid a tharraing dhan rannsachadh an-uiridh a thuirt gu bheil a' Ghàidhlig ann an èiginn sna coimhearsnachdan anns a bheileas fhathast ga bruidhinn, agus e cuideachd den bheachd gu bheil tuilleadh dìon agus leasachaidh a dhìth air a' chànan.

Cead-còmhnaidh

Thèid innse do mhuinntir an Aonaidh Eòrpaich a tha a' fuireach ann am Breatainn gu bheil 28 là eile aca cead-còmhnaidh oifigeil iarraidh anns an Rìoghachd Aonaichte. 'S e an 30mh den mhìos seo an ceann-ùine oifigeil 'son sin ach tha e coltach gu bheil mu 400,000 duine nach do dh'iarr còmhnaidh stèidhichte fhathast.

Ball-coise

Fhad 's a tha an deasbad a' dol air adhart fhathast mu Alba a' dol a-mach à farpais na h-Euros an-raoir, thàinig gealltanas bhon mhanaidsear, Steve Clarke, nach bi sinn a' feitheamh 23 bliadhna a-rithist gus am faigh sinn gu prìomh fharpais. Le Croàisia a' dèanamh a' ghnothaich air Alba 3-1 aig Hampden, is iadsan a tha a' dol troimhe chun na h-ath ìre còmhla ri Poblachd nan Seiceach agus Sasainn. Rinn Sasainn a' chùis air na Seicich 1-0 aig Wembley.