
Tha sgoil Ghàidhlig ùr ann an Inbhir Nis am measg prìomh amasan foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd, a rèir chathraiche na Comataidh Gàidhlig.
Thèid beachdan a shireadh mu bhith a' togail goireas do chloinn bho aois trì gu 18.
"Chunnaic sinn an-diugh ann am pàipearan na Comhairle am feum a th' air sgoiltean ann an Inbhir Nis san fharsainneachd," thuirt an Comh. Calum Rothach.
"Tha ìmpidh mhòr air a' Chomhairle goireas Gàidhlig a chur air adhart, agus 's e prìomhachas a th' ann.
"Gluaisidh sinn air adhart, ach gu dearbha chan urrainn dhuinn cabhag a chur air.
"Tha ceumannan rin gabhail, ach 's e prìomhachas a th' ann gun teagamh," thuirt e.
Tha comhairlichean cuideachd air aontachadh ann am prionsabal ri plana airson còig sgoiltean a leasachadh air a' Ghàidhealtachd, bun-sgoil Dhùn Bheagain nam measg.
"Naidheachd mhath do mhuinntir sgìre Dhùn Bheagain, gum bi air a' cheann thall sgoil ùr aca air àrainn shnog ùir," thuirt Mgr Rothach.
"'S e cosg airgid gu math susbainteach a tha seo, faisg air £15m, ach air a' cheann thall bidh goireas air leth ann an Dùn Bheagain.
"An cois sin thig, tha sinn an dòchas, pàirce cluiche don sgìre, agus cuideachd leasachadh taigheadais," thuirt e.