Naidheachdan 11:00m

Matt Hancock

Dhiùlt ball den Chaibineat beachd a thoirt air gnothaichean pearsanta a cho-obraichean às dèidh dhan Sun dealbh fhoillseachadh de Rùnaire na Slàinte, Matt Hancock, agus e a' cur gràdh air tè den luchd-taice aige. Tha am pàipear ag ràdh gun deach an dealbh a tharraing ann an oifis Mhgr Hancock anns a' Chèitean. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Grant Shapps, gun robh riaghailtean teann ann mu chàirdeasan mì-iomchaidh eadar ministearan agus an fheadhainn a tha ag obair dhaibh. Tha am Pàrtaidh Làbarach a-nis air ceist a thogail mu mar a chaidh Gina Coladangelo fhastadh mar neach-obrach neo-dhìolta anns a' chiad àite mus deach a h-àrdachadh le Mgr Hancock gu bòrd Roinn na Slàinte.

Iasgair

Tha aon duine air bàsachadh às dèidh dha-san agus fear eile den criutha a dhol far bhàt'-iasgaich faisg air Eilean Eige. Chaidh an luchd-teasargainn a ghairm a-mach beagan às dèidh 7:00f an-raoir. Chaidh aig an treas duine a bh' air bòrd air an dithis fhaighinn air ais air bòrd a' bhàta. Chaidh dearbhadh às dèidh sin ge-tà, gun robh fireannach aois 61 bhliadhna air bàsachadh.

Siubhal

Tha companaidhean làithean-saora a' gearain nach eil na h-atharrachaidhean a rinn an Riaghaltas air na riaghailtean air a bhith a' siubhal a-null-thairis a' dol fada gu leòr. Chaidh 16 àitichean a chur ris an Liosta Uaine de dhùthchannan far nach leig luchd-turais a leas a bhith a' dol ann an cuarantain nuair a thilleas iad air ais dhan Rìoghachd Aonaichte.

Rangers

Tha Poileas Alba den bheachd gun deach bhideo de chluicheadairean agus luchd-obrach Rangers atharrachadh a dh'aona-ghnothaich airson a chreids' a thoirt air daoine gun robh iad a' seinn òrain ghràin-chreideimh an aghaidh Chaitligeach. Rinn oifigearan sgrùdadh air a' bhideo às dèidh dha a dhol ma sgaoil air na meadhanan-sòisealta air a' mhìos a chaidh. Tha iarrtas fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, a chaidh fhoillseachadh le fear de luchd-leantainn Rangers, a' sealltainn gun do rinn oifigearan bho bhuidhinn eucoir shìobair Phoileas Alba sgrùdadh air dreach tùsach den bhideo agus nach robh seinn gràin-chreideimh ri chluinntinn.

Miami

Tha coin agus camarathan sònair gan cleachdadh le luchd-teasargainn ann am Florida ann an oidhirp lorg fhaighinn air feadhainn a chaidh a thìodhlacadh nuair a thuit togalach flataichean ann am Miami an-dè. Tha fios gun deach co-dhiù aon duine a mharbhadh anns an tubaist agus tha 99 duine fhathast a dhìth. Gu ruige seo, tha na seirbheisean èiginn air na deicheadan dhaoine fhaighinn beò anns an sprùilleach.

Aiseagan

Tha tuilleadh mì-thoileachais anns na h-Eileanan Siar agus Gàrradh Togail MhicFhearghais air Chluaidh air dearbhadh gum bi dàil ceithir mìosan eile ann air a bhith a' cur crìche air an dà aiseag a tha iad a' togail do ChalMac. Tha dùil a-nis nach bi an soitheach ùr a bhios a' seòladh eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart deiseil chun an t-Samhradh 2023. Agus, tha amharas ann nach tòisich i air an t-seribheis gu 2024