Cha bhith am Pentalina ri fhaotainn do Chal Mac
A-rèir na companaidh aiseig Caledonian Mac a' Bhruthainn agus Comhairle nan Eilean Siar, se briseadh dùil a th' ann nach bi an catamaran am Pentalina ri fhaighinn mar dhòigh gus faochadh a thoirt do na seirbheisean aiseig.
Dhearbh Pentland Ferries leis a bheil an soitheach gu bheil iad air tarraing a-mach às na còmhraidhean a bha a' dol agus dragh orra gu faodadh trioblaidean nochdadh air nach biodh smachd acasan tron chùmhnant a dh'fhaodadh cron a dhèanamh orra gu coimearsalta.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.