
Tha Urras an Eilein a' sireadh mholaidhean airson Neach Òg Gàidhlig na Bliadhna.
Tha duais £500 ann agus an duais fosgailte do dhaoine òga às an Eilean Sgitheanach no aig a bheil dlùth-cheangal ris an eilean.
"Tha sinn a' sireadh duine sam bith a tha nas òige na 30, agus a bhuineas dhan Eilean Sgitheanach, no aig a bheil dlùth-cheangal ris an Eilean Sgitheanach, agus a tha a' dèanamh deagh oidhirp airson a' Ghàidhlig a bhrosnachadh anns an obair aca agus anns a' choimhearsnachd aca, thuirt Murchadh Peutan, bhon Urras.
"Chan eil diofar dè seòrsa obair a th' ann an e croitearachd, no iasgach, no obair na h-ealain, obair craolaidh, obair teagaisg - chan eil e gu diofar.
"Ach bhiodh sinn airson gu bheil iad mothaichte airson na tha iad a' dèanamh airson na Gàidhlig, agus airson gu bheil iad a' cleachdadh na Gàidhlig an-còmhnaidh.
"Bhiodh sinn uabhasach uabhasach toilichte molaidhean fhaighinn bhon mhòr-shluagh," thuirt e.
'S urrainnear molaidhean a chur gu Murchadh Peatan, agus gheibhear fiosrach air an làrach-lin Urras an Eilein, taobh a-muigh