
Tha e air tighinn am bàrr gu bheil neach-gairm ùr a dhìth air Coimisean na Croitearachd.
Dhearbh an Coimisean gu bheil am fear a bh' ann, Rod MacCoinnich às a' Mhanachainn, air a dhreuchd fhàgail.
Bha Mgr MacCoinnich air a bhith os cionn a' Choimisein bho 2017 agus leanaidh e mar choimiseanar Thaobh Sear na Gàidhealtachd.
Dh'innis brath air làrach-lìn a' Choimisein gun deach coinneamh a' bhùird an t-seachdain seo chaidh a chur dheth gus an tèid aig Riaghaltas na h-Alba air neach-gairm ùr ainmeachadh.