Fear a chaochail an tubaist air ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Tubaist

Chaidh fireannach a chaill a bheatha ann an tubaist-rathaid faisg air Inbhir Nis Dimàirt ainmeachadh.

B' e Andaidh MacDiarmaid, 51, à Siorrachd Inbhir Narainn.

Thachair an tubaist eadar motor-baidhseagal Honda CBR dubh is dearg agus bhana Ford Transit geal mu 7:45f air an A82 faisg air Taigh-òsta Loch Nis.

Bha Mgr MacDiarmaid a' siubhail air a' mhotor-baidhseagal.

Chaidh deach dràibhear a' bhana a ghoirteachadh.

Thuirt Poileas Alba gu bheil na smuaintean aca le teaghlach Mhgr MhicDhiarmaid. Thuirt iad gu bheil an teaghlach air iarraidh gun tèid am fàgail aig fois.

Dh'innis na Poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn is gum bu chòir duine sam bith le fiosrachadh mun tubaist fios a chur orra air 101 agus àireamh 3159 29/06/2021 a thoirt seachad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo