Trì cùisean ùra de Chovid-19 anns na h-Eileanan

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Chaidh trì cùisean ùra de Chovid-19 a dhearbhadh anns na h-Eileanan an Iar Diardaoin.

Bha a dhà dhiubh ann an Uibhist agus an tè eile ann an Leòdhas.

Tha na cùisean uile ceangailte ri cùisean a th' ann mar-thà.

Bha a-nise ochd cùisean ùra de Chovid-19 anns na h-Eileanan san t-seachdain mu dheireadh.

Nas tràithe an t-seachdain seo, dh' iarr àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, air muinntir na sgìre oidhirp às ùr a dhèanamh gus an Coròna-bhìoras a chumail fo smachd.

Thuirt Mgr Jamieson gum bu chòir do dhuine sam bith nach d' fhuair a' chiad dòs den bhanachdaich is tha ga iarraidh fios a chur air a' bhòrd.

Tha prògram na banachdaich a' leantainn anns an sgìre Dihaoine is clionaig gu bhith ann an Taigh-òsta a' Chaberfeidh ann an Steòrnabhagh.