Covid aig County

  • Air fhoillseachadh
Pàirc Ross CountyTùs an deilbh, SNS

Chan eil fios an tèid an gèam eadar Ross County agus Forfar Athletic ann an Cupa na Lìge air adhart air sgàth sgapadh de Chovid aig cluba Inbhir Pheofharain.

Thuirt an cluba, a th' ann am Prìomh Lìg na h-Alba, gu bheil Covid air "grunn" chluicheadairean agus luchd-obrach coidsidh.

Tha còir aig County an seusan aca a thòiseachadh air falbh bhon taigh aig Station Park Disathairne.

Chluich an sgioba aig Malky MacAoidh mu dheireadh bho chionn ceithir là an aghaidh Elgin City - gèam a bhuannaich iad 5-0.

Tha an cluba ag obrachadh còmhla ris na h-ùghdarrasan slàinte airson dearbhadh cò air a tha an sgapadh seo a' toirt buaidh.

Tòisichidh seusan ball-coise na h-Alba air an deireadh-sheachdain seo, le sluagh de 500 ceadaichte aig geamannan.

Chaidh innse air a' mhìos a dh'fhalbh gum faigh sluagh de 2000 gu geamannan bhon 19mh là dhen Iuchar ma ghluaiseas Alba gu riaghailtean ìre a neoini an uair sin.