Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' cur iomain dheth

  • Air fhoillseachadh
Iomain

Tha Camanachd an Eilein Sgitheanach air geamannan agus trèanadh a chur dheth airson cealla-deug air sgàth Covid.

Thuirt an cluba gu bheil iad airson a bhith faiceallach is an bhìoras a' fàs nas cumanta anns an eilean, agus leis gu bheil cuid de chluicheadairean an dèidh bhith faisg air daoine le Covid.

Tha iad ag ràdh gun tòisich trèanadh a-rithist air an 22mh dhen Iuchar mura bi comharran dhen bhìoras air gin dhe na cluicheadairean no coidsichean.

Dh'iarr iad air a h-uile duine anns a' choimhearsnachd fuireach sàbhailte, deuchainnean a ghabhail gu cunbhalach agus iad fhèin a chumail air leth ma dh'fheumas iad.