SpeakGaelic a' tighinn anns an t-Sultain

  • Air fhoillseachadh
Speak GaelicTùs an deilbh, Speak Gaelic

An t-atharrachadh as motha air goireasan ionnsachaidh na Gàidhlig ann an 30 bliadhna.

Sin a tha iad ag ràdh a th' ann an SpeakGaelic.

'S e goireas ioma-mheadhanach ùr a th' ann, a thòisicheas san t-Sultain, bho MG Alba, am BBC agus Sabhal Mòr Ostaig.

Gheibhear e tro fharsaingeachd de mheadhanan - BBC Alba, air-loidhne, YouTube, iPlayer a' BhBC, agus tro chlasaichean aghaidh ri aghaidh.

'S iad na craoladairean Joy Dunlop agus Calum MacIlleathain aodannan Speak Gaelic.

Joy Dunlop

Thuirt Joy Dunlop, às a' Choingheal ann an Earra-Ghàidheal, a tha na neach-aithris agus na seinneadair:

"Mar neach a tha air a bhith ag ionnsachadh fad mo bheatha, tha làn fhios agam mun dùbhlan buadhmhor a tha an cois a bhith ag ionnsachadh cànan, agus mar sin, tha e air leth tarraingeach dhomh-sa a bhith mar phàirt de phròiseact a bhios a' toirt air luchd-ionnsachaidh na sgilean Gàidhlig aca a chur gu feum thairis air taghadh cho farsaing de mhodhan ionnsachaidh.

"Tric, bidh daoine a' faighneachd dhomh 'dè an dòigh as fheàrr Gàidhlig ionnsachadh?' 'S e tha cho math mu dheidhinn SpeakGaelic, gu bheil e a' tabhann uiread de roghainnean dhut air mar a dh'ionnsaicheas tu, a' ciallachadh gum faigh thu dòigh a tha a' freagairt ort fhèin."

Calum MacIlleathain

Tha Calum MacIlleathain, à Inbhir Nis, aithnichte air na meadhanan sòisealta airson a bhith ri cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh, agus tha e na phreasantair air prògraim snàimh air BBC Alba, Dhan Uisge:

Thuirt Calum, a bhios a' cur pìosan bhon bhlàr a-muigh ri prògraman SpeakGaelic:

"'S e urram a th' ann a bhith a' cur ri ionnsachadh dhaoine eile, agus a bhith a' toirt orra tlachd fhaighinn às a' chànan, gu sònraichte leis gur e àm air leth cudromach a tha seo a thaobh na tha sinn a' tabhann dhaibh-san a tha airson a bhith nan luchd-labhairt Gàidhlig.

"Tha mi fìor dhèidheil air eòlas a thoirt seachad dhaibh-san aig a bheil ùidh ann, gu sònraichte leis gun urrainn dhomh a dhèanamh ann an dòigh a fhreagras orm fhèin, a' fighe na Gàidhlig ris a' bhlàr a-muigh.

"Tha an cànan, agus na tha cho tarraingeach mu dheidhinn do dhaoine, gu mòr stèidhte air an àrainneachd nàdarrach againn ann an Alba, agus mar sin 's e ceum nàdarra a th' ann an t-àm ri teachd airson ionnsachadh na Gàidhlig a bhith a' tighinn às a sin cuideachd."

MG Alba

A' bruidhinn às leth bòrd pròiseict SpeakGaelic, thuirt an cathraiche Iseabail Nic an t-Sagairt bho MG ALBA:

"Tha SpeakGaelic gu bhith mar an iomairt ionnsachaidh Gàidhlig as iomlan a th' air a bhith ann fad ginealach. 'S e àm air leth inntinneach agus togarrach a th' ann a bhith ag ainmeachadh gur iad Joy agus Calum - dithis phearsa tarraingeach agus làidir - a bhios a' lìbhrigeadh nam prògraman.

"'S ann dhaibh-san le ùidh ann a bhith a' cleachdadh a' chànain a tha SpeakGaelic; dhaibh-san a tha air tòiseachadh air ionnsachadh mar thà, dhaibh-san nach eil cho misneachail mun cuid comasan, dhaibh-san a tha gu tur ùr dhan chànan agus dhuinn uile a tha air turas ionnsachaidh fad-beatha.

"Tha sinn uile a tha sa cho-bhanntachd air ar dòigh glan mu bhith a' cruthachadh nan cothroman seo tro SpeakGaelic airson a' choimhearsnachd air fad an cuid Ghàidhlig a chleachdadh - #cleachdi!"