Ceòlas soirbheachail a dh'aindeoin Covid

  • Air fhoillseachadh
Fìdheall

Dh'innis Sgoil Shamhraidh Cheòlais an Uibhist gun robh 100 neach cha mhòr an sàs anns na clasaichean aca am bliadhna - a dh'aindeoin 's gun robh a h-uile càil air-loidhne.

Bha clasaichean aca ann an Gàidhlig, fìdheall, pìobaireachd, clàrsach agus dannsa-ceum.

Thuirt Anndra Muncaster bho Cheòlas: "Tha sinn gu math toilichte leis na fhuair sinn am bliadhna.

"Bha eagal ann gun cuireadh e bacadh air daoine gun robh e air-loidhne, ach tha sinn gu math toilichte gun robh sinn comasach clas fhaighinn dhan a h-uile duine agus cha robh againn ri clas a chur dheth.

"A' bruidhinn ris an luchd-teagaisg, tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad gu math toilichte leis na h-àireamhan a th' aca agus na deagh dhaoine a th' aca air na clasaichean - tha a h-uile duine gu math dìcheallach agus tha sinn gu math fortanach gu bheil daoine fhathast ag iarraidh ionnsachadh rudan mar Gàidhlig agus ceòl ged nach urrainn dhaibh a thighinn a dh'Uibhist am bliadhna."