Seann bhaile Labhair ga reic

Chaidh tobhtaichean de sheann bhaile Labhair air bruthaichean Loch Tatha a-reic dìreach beagan làithean as dèidh a dhol air a' mhargaidh.

'S dòcha gun robh e na chuideachadh gun robh tè aig an robh an dà shealladh a' fuireach an sin uaireigin - Bain-tighearna Labhair.

Cha do ràinig an liut aice muinntir na sgìre an-diugh ge-tà.

Bha a' choimhearsnachd airson an t-seann bhaile a cheannach, ach bha iad ro fhadalach a' cur a-steach air a shon.

Seo Andreas Wolff.