Goireasan a' fosgladh aig Glumagan nan Sithichean
Aithris bhideo:
Chaidh fosgladh oifigeil a dhèanamh an-diugh air taighean beaga ùra ri taobh Glumagan nan Sìthichean aig Gleann Bhreatail san Eilean Sgitheanach, air chosgais ochd ceud mìle not. Seo is dragh air a bhith ann bho chionn fhada nach eil goireasan sam bith air a bhith aig àite air an do thadhail faisg air dà cheud mìle duine ann an dà mhile is a naoi deug. Tha e cuideachd a' tighinn beagan sheachdainean às dèidh dha taighean beaga fosgladh aig Bodach an Stòir ann an ear-thuath an Eilein. Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.