Atharrachadh ann an riaghailtean airson roinnean parcaidh.
Aithris bhideo:
Ann an oidhirp dèiligeadh ris na tha de bhanaichean-campachaidh a' tighinn dhan sgìre, tha Còmhairle na Ghàidhealtachd air a bhith a' bròsnachadh dhaoine le gu leòr fearann fàilte a chur air luchd-turasachd. Mar phàirt den sgeama Àirigh, chaidh na riaghaltean a thaobh roinnean parcaidh airson bhanaichean campachaidh a' làgachadh. Ann am Bàideanach agus Stràth Spè tha làraich ùra air fòsgladh agus seann fheadhainn air an leudachadh - ach a bheil sin a' toirt piseach air an t- suidheachadh? Tha Nicole Webber ag aithris.