
Tha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, fo chasaid draibheadh gu cunnartach.
'S ann co-cheangailte ri tubaist-rathaid ann am Barraigh anns an Dàmhair an-uiridh a tha na casaidean.
Tha Mgr MacNèill cuideachd fo chasaid nach robh e a' cumail faire ceart aig an àm a thachair an tubaist eadar càr agus motor-baidhseagal.
Chaidh fear aois 17 bliadhna a bh' air motor-baidhseagal a ghoirteachadh.
Chaidh Mgr MacNèill às àicheadh nan casaid ann an litir tagraidh gu cùirt an t-Siorraidh ann an Loch nam Madadh an t-seachdain sa.