Naidheachdan 11:00m
Innsidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an-diugh dè an ìre aig an tèid bacaidhean Covid a thogail. Tha Ms Sturgeon a' coinneachadh ris a' chaibineat aice 'sa mhadainn a bheachdachadh air an fhiosrachadh as ùire mu àireamh chùisean a' bhiorais, an àireamh euslainteach a tha san ospadal agus prògram na banachdaich. Thèid a co-dhùnadh a thoirt do Phàrlmaid na h-Alba feasgar. Bha Riaghaltas na h-Alba a' cur romhpa riaghailtean na dùthcha gu lèir a chur gu ìre neoni air an 19mh den mhìos.
Chaidh reic sa Rìoghachd Aonaichte suas aig an ìre 's motha riamh air na trì miosan a chaidh seachad le togail riaghailtean a' choròna-bhìorais. Bha na figearan suas còrr agus 28% air an aon àm an-uiridh.
Tha dùil gun cuir buill-phàrlamaid ann Westminster às an-diugh dhen reachdas a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 agus a thug bhòt fa leth do bhuill-phàrlamaid Shasannach air cùisean a bhoineadh do Shasainn a mhàin. Bha dragh ann aig an àm sin gu robh - agus tha fhathast - gu bheil cus buaidh aig buill-phàrlamaid Albannach, Cuimreach agus Èireannach ann an Taigh nan Comantan air laghan Sasannach.
Bidh seirbheisean cùram èiginneach tron oidhche dùinte ann an Ospadal Phort Rìgh a-nochd agus an ath-oidhche agus NHS na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil roghainn aca le cion luchd-obrach. Thuirt am bòrd slàinte gum bi taic ann le loidhne fòn NHS 24 no sgioba èiginn Ospadail an Ath Leathainn. Tha na h-uimhir de dh'ospadail air feadh Alba air seirbhisean a ghearradh bho chionn ghoirid le buaidh Chovid 's luchd-obrach a' fuireach air leth.
Chaidh na seirbhisean èiginn a ghairm nuair a thòisich teine an-raoir air bàta-aiseig le Stena Line eadar Càrn Rìoghain agus Beul Feirste. Chaidh èiginn a ghairm mu naoi uairean an-raoir nuair a thòisch teine ann an seòmar einnsein a' bhàta. Thuirt Stena Line nach tug e fad sam bith an teine a chur às agus nach tug e buaidh sam bith air luchd-siubhail no air luchd-obrach an t-soithich.
Thug an Crannchur Nàiseanta cha mhòr £12.5 millean do dh'Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh 'son pròiseactan co-cheangailte ris an àrainneachd, slàinte agus còmhdhail. Tha dùil ri corr is deich cosnadh ùr nuair a thig am pròiseact fad seachd bliadhna gu buil.