Moladh airson Ospadal an Rathaig Mhòir

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Rathaig Mhòir

Fhuair luchd-obrach aig Ospadal an Rathaig Mhòir moladh airson 's mar a dhèilig iad ri Covid-19 ann an aithisg bhon bhuidhinn Healthcare Improvement Scotland (HIS).

Chaidh sgrùdadh gun fhios ro làimhe a dhèanamh air an ospadal air a' mhìos seo chaidh agus chaidh moladh a dhèanamh air mar a bhathas a' dèiligeadh ri euslaintich agus mar a bha aodach dìon PPE freagarach air an luchd-obrach.

A rèir na h-aithisg thuirt luchd-obrach gun robh iad a' faighinn taice agus fiosrachaidh tron phandemic fhad 's a bha NHS na Gàidhealtachd ag atharrachadh siostaman airson a dhèanamh cinnteach gun robh euslaintich air an coimhead às an dèidh ann an dòigh shàbhailte ann an àrainneachd thèarainte.

Geur-sgrùdadh

Bha iad a' moladh an t-siostaim a th' aig an ospadal airson geur-sgrùdaidh a dhèanamh air euslaintich mus rachadh iad a-steach gu uàrd airson feuchainn ri stad a chur air Covid-19 a sgaoileadh agus bha an aithisg ag ràdh gun robh na siostaman-glanaidh aca math.

Ach dh'iarr an luchd-sgrùdadh gun tèid a h-uile uàrd anns an ospadal a chumail aig àrd ìre airson obair-glanaidh agus gum bu chòir pròiseas sgrùdaidh a bhith an sàs airson coimhead às dèidh àrainneachd an togalaich.

Feumaidh NHS na Gàidhealtachd a bhith cinnteach gu bheil PPE air a h-uile buidheann den luchd-obrach aca a' leantainn nan riaghailtean nàiseanta.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh cuideachd gu feum astrachadh sòisealta gu leòr a bhith eadar euslaintich a tha ann an uàrd far a bheil grunn euslainteach.

Taing

Thuirt Àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd, Pam Dudek gun robh i toilichte leis na bha anns an aithisg.

"B' fheudar ar co-obraichean, thairis air an ospadal gu lèir, atharrachadh a dhèanamh air na dòighean-obrach aca airson maith nan euslainteach agus tha mi airson taing a thoirt dhaibh airson na tha iad a' dèanamh.

"Tha e na thlachd gu bheil an luchd-obrach a' faireachdainn gu bheil iad a' faighinn taic bho na manaidsearan aca aig àm a tha air a bhith fìor dhuilich dhan a h-uile duine.

"S ann nuair a tha sinn a' tarraing còmhla a tha na h-euslaintich againn a' faighinn a' chùraim as fhèarr agus tha e na thoilleachas gu bheil ar cò-obraichean air seo a dhèanamh aig an àm seo.

"Tha rudan ann a dh'fheumas sinn a dhèanamh agus tha sinn ag obair air plana airson na rudan sin a chur an gnìomh, thuirt i.

Chaidh an rannsachadh aig HIS air adhart air a 15mh agus 16mh an t-Òg-mhios 2021 agus chaidh na h-àiteachan a leanas a sgrùdadh:

•Ionad Gheur-sgrùdaidh, COVID-19

•Ionad Dlùth-chùraim

•Uàrd 2A, 2C , 3A, 4A, 4C, 6A, 6C, 7A, 10

•Ionad na Cloinne