
Thèid luchd-iùil aig puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean air stailc air an 29mh Iuchair.
Tha an t-aonadh Prospect iomgainneach mu phlanaichean Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean Earranta (HIAL) a tha airson tecneòlas ùr a' leigeadh leotha seirbisean a' ruith bho aon làrach ann an Inbhir Nis a' stèidheachadh.
Thuirt an t-aonadh gun dèanadh sin call-cosnaidh ann an sgìrean cugallach 'sna h-eileanan.
Mur a biodh daoine deònach gluasad a dh'Inbhir Nis, thuirt iad, chailleadh iad na h-obraichean luachmhor aca.
Tha an t-aonadh air an iomairt a' leudachadh a-niste gu làn-stailc aon là air 29mh den mhìos seo.