Naidheachdan 11:00m

Tha dearbhadh ann a-niste gun do chaill còrr 's ceithir fichead 's deichnear am beatha 'sna tuiltean air taobh siar na Gearmailt. Tha ceudan eile a dhìth agus an t-uisge a' cur maill air an obair-theasairginn. Thuirt an Seansalair, Angela Merkel, gur e sgrios a th' ann. Chaill aona duine deug am beatha cuideachd 'sna tuiltean sa Bheilg agus anns an Òlaind.

Tha rannsachadh am measg trì fichead agus a deich mìle euslainteach a bha san ospadal le Covid ag ràdh gu bheil inbhich òga cha mhòr a cheart cho buailteach trioblaid slàinte eile tighinn orra ri linn a' bhìorais 's a tha feadhainn nas sinne na leth-cheud. Bha aon duine anns gach deichnear eadar naoi bliadhna deug agus da fhichead bliadhna 'sa naoi de dh'aois air an tàinig trioblaid len àirnean, sgamhain no buill-bodhaig eile.

Thòisich co-luadar poblach an-diugh air Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson an ath chòig bliadhna. Am measg na tha anns a' phlana, tha iomradh air inbhe oifigeil Gàidhealtachd a chruthachadh. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley-Ann Somerville, gu bheil a' Ghàidhlig cudromach do dh'Alba agus gu bheil an Riaghaltas airson taic a thoirt do dhaoine an cànan a chleachdadh, ionnsachadh agus a bhrosnachadh.

Dh'aidich ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, gu bheil cion earbsa sa phàrtaidh am measg dhaoine a b' àbhaist a bhith a' bhòtadh dhaibh. Thuirt e ann an agallamh leis a' BhBC gun dèan e a dhìcheall an taic 's earbsa fhaighinn air ais ach gun toir sin ùine.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' coinneachadh ri Loganair agus ri companaidh nam port-adhair HIAL an-diugh's luchd-iùil air stailc a ghairm mu phlanaichean HIAL airson na seirbheis-iùil. Tha HIAL am beachd na seirbisean a ruith bho aon làrach ann an Inbhir Nis - rud a tha a' cur dragh air an aonadh Prospect a tha a-niste a' leudachadh na h-iomairt gu làn-stailc aon latha air an naoidheamh latha fichead den mhìos seo. Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, an-diugh gu bheil e den bheachd nach toir an stailc cus buaidh air planaichean HIAL.

Tha rannsachadh ùr ag ràdh bhon a chaidh casg air smocadh ann an càraichean ann an Alba gu bheil nas lugha chloinne a' dol dhan ospadal le sac orra. Rinn luchd-saidheans aig Oilthighean Obar Dheathain, Ghlaschu agus Shruighlea sgrùdadh air an àireamh chloinne air an tàinig droch ionnsaighean sac eadar 2000 and 2018 agus fhuair iad lùghdachadh mòr am measg an fheadhainn a b' òige na còig anns an dà bhliadhna bho bha atharrachadh san lagh ann an 2016.