Covid: 10 cùisean ùra sna h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh
covid

Dhearbh NHS nan Eilean Siar oidhche Luain gun robh 10 cùisean ùra dhen bhìoras san sgìre ann an aon là.

Tha sia dhiubh anns na Hearadh, trì ann an Leòdhas agus aonan ann an Uibhist a Deas.

Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gun robh measgachadh ann de chùisean le ceangal ri feadhainn a bh' ann ron seo, agus cùisean ùra gun cheangal ri cùis eile.

Air an aon là, ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd bha 65 cùisean ùra den bhìoras air an dearbhadh ann an àireamhan oifigeil an Riaghaltais.