
Tòisichidh an MV Arrow a' toirt bathair eadar Ullapul is Steòrnabhagh bho Dhiluain an 19mh den Iuchar airson seachd seachdainnean.
'S e bathar a' mhàin a bhios i a' giulain agus bi i a' seòladh air an oidhche sia là san t-seachdain - trì seòlaidhean a bharrachd na th' ann an dràsta.
Bheir seo beagan faochaidh do luchd-siubhail eile le dà sheòladh a bharrachd air an Loch Seaforth gach seachdain.
'S e a' chompanaidh Seatruck a bhios a' ruith an Arrow as leth ChalMac.
Chuir Ball nan Eilean Siar ann an Holyrood, Alasdair Allan, fàilte air an naidheachd.
"Tha mi an dòchas gum bi an Riaghaltas a-nis a' coimhead air soithichean a bharrachd, air sgàth 's gu bheil fios aig a h-uile duine gu bheil seirbheisean troimhe-chèile fhathast ann an àitichean eile," thuirt e.
"Chan eil na seirbheisean aiseig anns na h-Eileanan mar bu chòirm no faisg air na bu chòir.
"Chan e an Arrow am freagairt dhan a h-uile ceist a th' ann.
Càineadh
Tha Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar air gearain nach deach bruidhinn ris a' Chomhairle mun an MV Arrow.
Thuirt Ùisdean Robasdan gur e adhbhar tàmailt a th'ann nach deach co-chomhairle a dhèanamh leotha-san agus nach eil fiosrachadh aca mu ciamar a dh'obraicheas an clàr-ama.
Thuirt e cuideachd gu bheil draghan ann gum bi am bathar a' nochdadh nas anmoiche nan àbhaist
Aonadh
Tha aonadh-ciùird cuideachd air draghan a thogail leis an RMT ag ràdh gu bheil grunn dhraghan aca mun a' chùmhnant.
A-rèir Ghordain Mhàrtainn, a tha riochdachadh an RMT ann an Alba, tha ceistean aca a thaobh uairean obrach agus ìrean paighidh a' chriutha.
Thuirt e cuideachd gun urrainn dhan an Arrow a bhith air a gairm air ais a dh'Eilean Mhanainn aig àm sam bi taobh a-staigh 24 uairean de thìde.