Gearan mu chosgaisean lìbhrigidh

  • Air fhoillseachadh
Litrichean
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Cathraiche Comataidh Leasachaidh na Comhairle gu bheil cuid de chompanaidhean a' gabhail brath air muinntir nan eilean.

Sgrìobh Comhairle nan Elean Siar gu riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a dh'iarraidh dìon a bharrachd air muinntir nan eilean bho chosgaisean lìbhrigidh àrda.

Chaidh gearanan coltach ris a seo a thogail leis a' chomhairle agus feadhainn eile cheana.

Tha iad a' togail air cho cudromach 's a tha e do mhuinntir nan eilean a bhith a' ceannachd air-loidhne, ach cuideachd air a' mhì-chinnt a th' ann mu an urrainn na tha ga cheannachd fhaighinn thuca, agus air dè a' phrìs.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil cosgaisean àrda a' dèanamh croin air mòran gu h-àraid aig àm phandemic far am feum daoine stuth a cheannachd air-loidhne.

"A' gabhail brath"

"Tha sinn a' faicinn nach eil e cothromach gu bheil aig muinntir nan eilean ri barrachd a phàigheadh na tha aig daoine air tìr-mòr," thuirt Dòmhnall Crichton, Cathraiche Comataidh Leasachaidh na Comhairle.

"Tha oidhirpean air a bhith ga dhèanamh thairis air na bliadhnaichean ach tha mi a' smaointinn gu bheil an t-àm ceart agus freagarrach airson na draghan a tha seo a thoirt air beulaibh an riaghaltais."

"Tuigidh duine sam bith gum feum companaidhean prothaid a dhèanamh ach tha seo a' dol thairis air prothaid.

"Tha seo mar gu bheil iad a' gabhail brath air muinntir nan eilean", thuirt an Comh. Crichton.