Trioblaidean teicnigeach aig an Lord of the Isles

  • Air fhoillseachadh
An MV Lord of the Isles

Chaidh seirbheisean aiseig nan Eilean Siar a chur beagan troimh chèile Diciadain agus trioblaidean teicnigeach aig a' bhàta an Lord of the Isles.

Tha sin a' ciallachadh nach eil seòlaidhean idir ann eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

An àite sin, bidh seòladh a bharrachd eadar Loch nam Madadh agus Ùige, a' ciallachadh nach bi am bàta sin a' seòladh eadar an Tairbeart agus Ùige feasgar.

Bidh aig luchd-siubhail às na Hearadh ri dhol tro Steòrnabhagh a dh'Ulapul, leis an Loch Seaforth a' dèanamh seòladh a bharrachd à Steòrnabhagh agus air ais à Ulapul anmoch air an oidhche.

Tha an seòladh sin air a cheadachadh leis a' bhàta-bathair ùr, an MV Arrow, a th'air màl air slìghe Steòrnabhaigh bhon t-seachdain seo.