
Bhuannaich Athletic Steòrnabhagh Cupa Jock Stein ann an 2019.
Eadar Dihaoine agus Disathairne tha sreath eile de gheamaichean gu bhith air an cluich ann an co-fharpaisean Leòdhas agus na Hearadh, Uibhist agus Barraigh agus anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.
Cupa Jock Stein
The trì geamaichean gu bhith air an cluich ann an Cupa Jock Stein aig 7f. Dihaoine.
Thig a' chiad bhuidheann gu crìch le geama eadar an Taobh Siar agus an Rubha.
Ann am buidhinn a dhà, cuiridh na Lochan fàilte air Càrlabhagh do na Creagan Dubha agus ann am buidhinn a trì, cluichidh Athletic Steòrnabhagh - a bhuannaich an cupa ann an 2019 - am Bac.
Às dèidh do na geamaichean thighinn gu crìch, thig dearbhadh air cò thèid do na h-iar chuairtean deireannach agus cò bhios aca ri chluich.
Uibhist agus Barraigh
Bha an aon gheama a bha gu bhith ann an lìg Uibhist agus Bharraigh Dihaoine air a chur dheth.
Cha chluich Beinn nam Fadhla an aghaidh na h-Iochdar Saints mar a bha anns a' chlàr.
Thathar an dùil gun cluich na sgiobaidhean a-nis Dimàirt an ath sheachdain.
Cluichidh na ceithir sgiobaidean eile Disathairne ge-tà, le Uibhist a Tuath gu bhith a' cluich an aghaidh Bharraigh - a tha aig mullach na lìg - aig 2f., le Èirisgeigh gu bhith a' cur fàilte air Southend beagan nas anmoiche aig 5f..
An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse
Chan eil ach dà gheama gu bhith air an cluich anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse às dèidh dhan gheama eadar Slèite agus an t-Srath agus an Caol a bhith air a chur dheth. Nas anmoiche bha an geama eadar Port Rìgh agus Juniors Phort Rìgh air a chuir dheth.
Aig an ìre seo, thathar an dòchas gun coinnich Slèite agus an t-Srath agus an Caol air Dimàirt an ath sheachdain.
Aig 2f. Disathairne cluichidh an sgioba a tha anns an dàrna àite an aghaidh an sgioba aig mullach na lìg.
Tha deich puingean le chèile aig Mallaig a chuireas fàilte air Caol Acainn.
Airson crìoch a chuir air geamaichean an là bidh turas aig Gleann Eilg - a tha aig bonn na lìg - a chluich an aghaidh Taobh Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.