Sgrùdadh air talamh Thursachan Chalanais

Tha sgrùdadh ga dhèanamh an-dràsta air talamh-mòintich ann an Calanais an Leòdhas, agus fianais ga shireadh mu na daoine a bha a' tighinn beò san sgìre mun àm a chaidh na Tursachan a chur an àird.

Tha sgioba bho Oilthigh Chill Rìmhinn a' cur innealan sònraichte gu feum airson dealbh fhaighinn mu dè a tha fon mhòine mu thimcheall air an làraich.

Tha rannsachadh eile a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid air ceistean a thogail mun àite a bh' aig dealanaich air far an robh clachan is cearcallan eachdraidheil gan stèidheachadh.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.