Naidheachdan 11:00m
Mhol Poileas Alba gum bi daoine garbh faiceallach agus iad a' snàmh ann an lochan agus aibhnichean, às dèidh bàs sianar tro na làithean a dh' fhalbh. Chaochail triùir, dithis inbheach agus balach aois naoi bliadhna, ann an aon tubaist ann an Loch Laomainn Disathairne. Fhuair triùir bhalach aois eadar 11 bliadhna agus 16 am bàs ann an trì tubaistean fà leth ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar agus Siorrachd Lannraig.
B' e an-diugh an là a bha Riaghaltas na h-Alba air a chur romhpa airson banachdach ron a choròna-bhìoras a thoirt dhan a h-uile duine nas sinne na 40. Bha seo gu bhith mar cheum a dh' ionnsaigh na bacaidhean mu dheireadh ron a bhìoras a thogail. Chan eil ach mu thrì chairteil a dhaoine aois eadar d40 agus 49 air a' bhanachdach fhaighinn. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf an-diugh, gu bheil e fhathast misneachail gun urrainn mòran dhe na bacaidhean laghail eile a thogail am meadhan an Lùnastail.
Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gordon Jamieson, gun robh na ceudan dhaoine a-nis a' fèin aonrachadh anns an sgìre acasan, agus uallach a' tighinn air seirbheisean slàinte agus cùram nan eilean. Le ceithir cùisean ùra dhen bhìoras air ainmeachadh leis a' bhòrd-slàinte a-raoir, thug sin an àireamh airson na mìos seo gu 98. Tha an ìre de chùisean ùra anns na h-Eileanan an Iar fhathast nas ìsle na anns cha mhòr a h-uile sgìre eile de dh'Alba.
Tha clàran-ama bhàta-aiseig Steòrnabhaigh a-rithist air atharrachadh, agus trioblaid teignigeach eile air bualadh air seirbheis Chal Mac. Bhris an MV Arrow, am bàta-bathair a bha air fhastadh le Comhdhail Alba airson seirbheisean bathar na h-oidhche rè uine. Tha sin a' ciallachadh gur i an MV Loch Seaforth a nì seòlaidhean bathair a-rithist a' chiad ghreis. Thuirt Cathraiche Còmdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gun deach innse dhàsan gur dòcha gum biodh cola-deug no mìos mus biodh an Arrow air a càradh, agus gun i air chùmhnant dha Cal Mac ach airson sia seachdainean.
Chaidh luaidh a dhèanamh air sreapadair beinne Albannach, a chaidh a mharbhadh air beinn K2, an dàrna beinn às àirde anns an t-saoghal. Bha Rick Allen, a bha 68 agus a bhuinneadh do dh'Obar Dheathainn bho thùs, air a ghlacadh ann am maoim-sneachda. Bha e a' togail airgid do charthannas, agus a' feuchainn ri slìghe ùr air a bheinn a shreap.