Sglèat Eilean Luinn

Nochd beachd ann an Eilean Luinn fear de na cuaraidhean sglèata fhosgladh as ùr.

Tha urras coimhearsnachd an eilein a' dèanamh sgrùdadh air dè cho comasach sa tha sin.

Stad an obair sglèata anns na trì ficheadan ach tha e coltach gu bheil luchd-togail agus Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba a' faicinn gum biodh feum anns an sglèat uair eile.

Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.