Taisbeanadh mu dhòigh-beatha nan coilltearan

Gheibh feadhainn a tha a' tadhal air Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh sealladh air seann dòigh-beatha choillteir anns an taisbeanadh ùr aca.

Thathas air seann charabhan, anns an robh coilltear a' fuireach ann an sgìre Bhàideanach fad iomadach bliadhna, a sgeadachadh as ùr,

Tha an carabhan na eisimpleir den dòigh-beatha a bhiodh aig coilltearan aig an àm.

Tha tuilleadh aig Shona Nic a' Phiocair.