
Cha robh cùisean ùra sam bith den Choròna-bhìoras air an dearbhadh oidhche Chiadain co-cheangailte ri dachaigh-cùraim Dùn Bearasaigh ann an Leòdhas.
Tha 19 cùisean air a bhith ann ceangailte ris an dachaigh: 11 am measg luchd-còmhnaidh is 8 am measg luchd-obrach.
Chan eil cead aig daoine tadhal air an dachaigh ach ann an suidheachadh èiginneach.
Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil an sgaoileadh san dachaigh "aig ìre thràth" ach gu bheil iad a' cumail sùil gheur air is gu bheil an suidheachadh an-dràsta "seasmhach".
Chaidh trì cùisean ùra eile de Chovid-19 a dhearbhadh ann an Leòdhas Diciadain.
Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil na cùisean ceangailte ri chèile is gur e clustair ùr a tha seo.