Naidheachdan 11:00m
Drugaichean
Dh'èirich bàs le drogaichean ann an Alba dhan ìre as motha riamh airson na seachdamh bliadhna ann an sreath. Bha 1,339 bàs an-uiridh, suas mu 5% air 2019. Tha na figearan bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba a' sealltainn àireamh na h-Alba a thrì uimhir gu leth nas motha na àireamh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir. Tha Tòraidhean na h-Alba am measg na tha ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba mòran a bharrachd a dhèanamh.
Manach
Chaidh binn ceithir bliadhna agus còig mìosan sa phrìosan airson eucoirean feise an aghaidh chloinne air fear a bha na mhanach aig Sgoil Chaitligeach Abaid Chille Chuimein air a' Ghàidhealtachd. Dh'aidich Denis Alexander, a tha 85, a chiont air a' mhìos seo chaidh air dà chasaid gun tug e ionnsaighean drabasta air dithis bhalach òga eadar 1973 agus 1976. Chaidh a' bhinn phrìosain a chur air ais gu toiseach 2017 's mar sin tha i seachad agus thèid Alexander a-nise a chur air ais a dh'Astràilia dham boin e.
Taighean
Tha Comhairle nan Eilean Siar an dùil na h-uimhir de leasachadh taigheadais aig prìs reusanta a thogail air feadh nan eilean air an ath chòig bliadhna. Tha sin an dèidh dearbhadh air suas ri £43m bho Riaghaltas na h-Alba. Thuirt Ceannard na Comhairle, Roddie MacAoidh, gu bheil iad an dùil cothrom air dachaigh a thoirt do theaghlaichean òga agus ann an sgìrean iomallach ma tha iarrtas ann.
Bùthan
Tha cha mhòr aon bhùth falamh anns gach sia ann an Alba agus an àireamh a tha dùinte suas faisg air a' cheathramh cuid air a' bhliadhna a chaidh seachad. Thuirt Buidheann Luchd Reic na h-Alba gun deach an àireamh bhùthan falamh suas còrr 's 16% air a' chiad thrì mìosan am-bliadhna agus sin 3.2% nas motha na bh' ann an-uiridh.
Còd nan rathaidean
Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte atharrachadh ann an còd nan rathaidean, an Highway Code, ann an Sasainn, Alba agus a' Chuimrigh, a' toirt barrrachd spèis do dh'fheadhainn air chois agus air baidhseagal aig crois rathaid. Thuirt Roinn na Còmhdhail gu bheil iad an dòchas gum brosnaich sin barrachd dhaoine gu siubhal nas fhallaine air an tàinig àrdachadh mòr anns a' phandemic.
Clàr
Tha Christina NicCoinnich, a bhuineas do Leòdhas, mu dhà mhìle deas air Taigh Iain Ghròt an-dràsta is a h-uile coltas ann aig an ìre seo gun tèid aice air siubhal eadar Land's End is Taigh Iain Ghròt air baidhseagal san ùine as giorra riamh do bhoireannach. Tha i air còrr is 700 mìle a shiubhal air a' bhaidhseagal ann an dà là agus tha i cuideachd air faisg air £7000 a thogail do chathrannas.