Fiosrachadh ga shireadh mu thubaist-rathaid ann an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Tubaist

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist-rathaid ann an Leòdhas oidhche Chiadain anns an deach fireannach a dhroch ghoirteachadh.

Thachair an tubaist, anns an robh càr Suzuki Grand Vitara le dath airgid an sàs, aig Newmarket air taobh a-muigh Steòrnabhaigh mu 10:20f.

Chaidh fireannach, 78, a bha a' siubhal anns a' chàr, a thoirt gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, mus deach a ghluasad gu Ospadal na Bànrigh Ealasaid ann an Glaschu.

Chaidh am boireannach a bha a' dràibheadh a' chàir, a tha 52, a leigeil dhachaigh às an ospadal.

Tha na polais ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an càr, neo aig a bheil dealbhan dashcam, brath a chur thuca.

Faodaidh iad fònadh thuca air an àireimh-fòn 101, a' cleachdadh na h-àireimh 3727, Diciadain 28mh là den Iuchar, 2021.

Tuilleadh air an sgeulachd seo