Prìomhachas ga shireadh do dh'eileanaich

  • Air fhoillseachadh
Steòrnabhagh

Dh'iarr BPA nan Eilean Siar gum biodh dòigh ann gum faigheadh muinntir nan eilean prìomhachas air àite air bàtaichean-aiseig.

Dh'innis Alasdair Allan gu bheil eileanaich air a bhith a' cur fios air fad an t-samhraidh mu chùisean far nach fhaigheadh iad air aiseag agus iad a' feuchainn ri falbh a dh' obair no airson tadhal air càirdean a bha meadhanach.

Chan eil prìomhachas ceadaichte fo chùmhnant nan aiseagan.

Thuirt Alasdair Allan gu bheil dòchas ann gun tig piseach air cùisean a dh'aithghearr is dùil ri dearbhadh nach bi feum air astarachadh sòisealta air aiseagan bhon 9mh den Lùnastal.

Sùbailteachd

Ach tha e ag ràdh gur e samhradh riaslach a th' air a bhith ann is gu bheil feum san àm ri teachd air siostam a bheireadh prìomhachas do dhaoine a tha a' siubhail air adhbharan deatamach.

"Chan eil an siostam a th' againn an-dràsta ag obair far nach eil prìomhachas sam bith aig duine sam bith ann an èiginn sam bith", thuirt Mgr Allan.

"Tha fios agam gu bheil muinntir a tha ag obair airson CalMac a' dèanamh an dìcheall a bhith a' cuideachadh dhaoine ach aig deireadh an là, ma tha rèis ann eadar daoine a tha a' bucadh sia mìosan ro-làimh 'son nan saor-làithean aca, agus daoine anns na h-eileanan a tha ag iarraidh a dhol gu Tìr-Mòr le cabhag dhà no trì làithean, cha bhi an siostam sin ag obair", thuirt e.

Dh'innis Mgr Allan gum bu chòir coimhead às ùr ri cùmhnant nan aiseag feuch sùbailteachd air choireigin a thoirt a-steach, is air siostaman far an rachadh cuid de thiceadan a chumail air ais.

Thuirt e cuideachd gum bu chòir coimhead ri prìsean airson leithid bhanaichean-campachaidh a chur suas.