
Thuirt SSEN gu bheil iad a' coimhead ri pàirt den loidhne seachad air a' Chuiltheann a chur fon talamh
Chaidh cead iarraidh airson loidhne dealain chudromach air taobh siar na Gàidhealtachd a leasachadh.
'S seo a' chiad leasachadh mòr air an loidhne eadar Cille Chuimein agus Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich, a tha 99 mìle a dh'fhaid, bho thòisich obair oirre anns na 1950an.
Dh'innis SSEN Transmission gu bheil an loidhne a th' ann a' tighinn gu deireadh a beatha.
Thuirt iad gu bheil feum air loidhne ùr gus seirbheis nas fheàrr a thoirt do ghnothachasan agus coimhearsnachdan agus gus pròiseactan ath-nuadhachail a làimhseachadh.
Chosgadh an leasachadh £400m.
Thuirt SSEN gu bheil iad a' coimhead ri pàirt den loidhne seachad air a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a chur fon talamh, agus far am biodh i a' ceangal ri fo-stèisean Chille Chuimein.

Chosgadh an loidhne ùr £400m.
Thuirt iad cuideachd gum beachdaich iad air slighe dhiofraichte faisg air Caol Reithe san Eilean Sgitheanach.
Mhìnich a' chompanaidh gur e crainn stàilinn a bhiodh aca eadar Cille Chuimein agus An t-Aodann Bàn is feadhainn fhiodha eadar An t-Aodann Bàn agus an An Àird Mhòr.
Rachadh leasachadh a dhèanamh cuideachd air na fo-stèiseanan san Àth Leathann agus san Aodann Bhàn.
Tha SSEN a-nise air cead an riaghladair, Ofgem, iarraidh airson an leasachaidh.
Aig an dearbh àm, thuirt a' chompanaidh gu bheil iad fhathast ag obair air planaichean 'son càball 600MW a stèidheachadh eadar na h-Eileanan an Iar is Tìr-Mòr.
Tha iomairt air a bhith a' leantainn fad iomadh bliadhna gus càball ùr fhaighinn dha na h-Eileanan an Iar is e air fhaicinn deatamach gus fàs a thoirt air gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.