
Dhearbh NHS nan Eilean Siar agus Comhairle nan Eilean Siar gun do chaochail neach-còmhnaidh aig dachaigh-cùraim Dhùn Bhearasaigh Diluain le Covid-19.
Tha 24 cùis den bhìoras air an dearbhadh san sgapadh co-cheangailte ris an dachaigh-chùraim.
'S e seo an deicheamh bàs le Covid mar adhbhar chlàraichte anns na h-Eileanan Siar bho thòisich am Pandemic.
Tha figearan an là an-diugh cuideachd a' nochdadh àrdachadh anns an àireamh dhaoine a tha a' faighinn dlùth-chùraim leis a' bhìoras aig Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis - tha sianar euslainteach anns an aonad a-niste.
Chaidh 64 cùisean ùra de Chovid-19 a chlàradh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd Diciadain, le 16 cùisean ùra ann am Moireibh, agus dà chùis ùr anns na h-Eileanan Siar.