
Tha ceannard nan Làbarach ann an Alba ag ràdh gum bu chòir cur às dhan chompanaidh CMAL.
Bha Anas Sarwar a' bruidhinn air thoiseach air turas dha na h-Eileanan an Iar an ath-sheachdain.
'S ann le CMAL a tha na h-aiseagan, puirt agus bun-structar eile a tha CalMac a' cleachdadh.
Chaidh a' chompanaidh a chruthachadh nuair a tha chaidh seirbheisean aiseig a-mach gu tairgse, le dleastanas 'son aiseagan is goireasan air CMAL is CalMac fhèin a' ruith nan seirbheisean.
'S ann leis a' chompanaidh Dàibhidh Mac a' Bhriuthainn a tha CalMac agus 's ann le Riaghaltas na h-Alba a tha CMAL agus Dàibhidh Mac a' Bhriuthainn.
Crathadh
Tha Anas Sarwar ag ràdh gu bheil an siostam a th' ann briste is feumach air crathadh.
Mar phàirt den chrathadh sin, thuirt e gum bu chòir cur às do CMAL uile gu lèir.
"Aig an ìre seo chan eil bun-structar ann a tha a' cumail taic ri seirbheisean-aiseig.
"Leis gu bheil CMAL ann mar bhuidhinn fa leth le uallach airson nam bàtaichean is CalMac os cionn nan seirbheisean fhèin, chan eil iad air an aon ràmh.
"Chan eil mi a' smaointinn gu bheil an siostam seo ag obair is tha mi den bheachd gum bu chòir cur às dha", thuirt e.
Tha Mgr Sarwar ag ràdh cuideachd gu bheil e follaiseach nach eil plana aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh aiseagan is gu bheil dìth thuigse ann mu na feumalachdan aig coimhearsnachdan eileanach is feadhainn eile a tha an cois a' chladaich.
"Tha dòigh smaoineachaidh aig luchd-poileataigs san fharsaingeachd a tha stèidhichte air meadhan na h-Alba", thuirt Anas Sarwar.
"Tha mi 'son obrachadh le coimhearsnachdan eileanach is air a' chosta agus tha mi 'son is gun tèid ath-sgrùdadh farsaing a dhèanamh air seirbheisean aiseig.
Ath-sgrùdadh
"Tha feum againn air na seirbheisean ceart aig na h-amannan ceart agus le bun-structar ceart. Tha am modail a th' ann le CMAL briste. Chan eil e ag obair airson nan coimhearsnachdan agus feumaidh e falbh.
"Bu chòir dhuinn ath-sgrùdadh a dhèanamh, airgead a chosg agus seirbheis a tha a' freagairt air na coimhearsnachdan a stèidheachadh", thuirt e.
Cha do mhìnich Mgr Sarwar dè dìreach an siostam a chuireadh e fhèin an sàs. Thuirt e ge-tà, gu bheil e dìreach air coinneachadh ri P&O agus Stena agus gu bheil plana 30 bliadhna aca a thaobh bun-structar is aiseagan.
Thuirt e gu bheil an aon seòrsa ro-innleachd a dhìth air a' chosta an Iar.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil ministearan ag obair gu dlùth ri CMAL is gu bheil iad taingeil airson taic agus eòlas na buidhne.
Dh'innis iad gu bheil sgrùdadh neo-eisimeileach a' dol air adhart an-dràsta mu riaghladh obair nan aiseagan eadar CMAL, a' chompanaidh Dàibhidh Mac a' Bhriuthainn agus Còmhdhail Alba, is gu bheil na trì buidhnean ag obair leis an luchd-sgrùdaidh.