
Thèid farpais airson geama didsiteach ùr a dhealbh a chumail aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna.
Seo a' chiad turas a thèid farpais dha leithid a chumail aig a' Mhòd, a tha gu bhith a' tachairt ann an Inbhir Nis san Dàmhair.
'S e Oilthigh Obar Tatha ann an Dùn Dè a th' os cionn a' phròiseict agus tha iad ag obair còmhla ri buidhnean eile.
Tha iad ag amas air grunn gheamaichean didsiteach ùr a chruthachadh a bheir sùil air a' Ghàidhlig agus air dualchas na h-Alba.
Thèid tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air a' ghèam a shoirbhicheas.
Thathas an dòchas gun cuidich an iomairt gus a' Ghàidhlig a chur mu choinneamh barrachd dhaoine.