Cobhair air a dèanamh air 11 aig Eas Falach

  • Air fhoillseachadh
Eas FalachTùs an deilbh, John Ferguson/Geograph

Rinn luchd-teasairginn cobhair air aona duine deug a bha ann an duilgheadas ann an abhainn faisg air A' Chrìon-Làraich.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Cobhair na h-Alba gun deach fios a chur orra mun t-suidheachadh aig Eas Falach, mu cheithir mìle bhon Chrìon-Làraich, mu 5.30f Diluain.

Bha aithrisean air buidheann de dhaoine air an glacadh faisg air Eas Falach agus ìre an uisge mun cuairt orra ag èirigh.

Chaidh criuthaichean à Taigh an Droma agus Cill Fhinn le eòlas sònraichte air cobhair san uisge chun na làraich còmhla ri oifigearan poilis agus luchd-meidigich.

Rinneadh cobhair air a' bhuidhinn agus cha deach duine a ghoirteachadh.

Mapa