Naidheachdan 11:00m

Tha òigridh ann an Alba a' faighinn dearbhadh oifigeil an-diugh air comharran bho mheasadh air an obair sgoile an dèidh na dàrna bliadhna ann an sreath gun deuchainnean foirmeil le buaidh a' phandemic. Chaidh clann aig ceann àrd na sgoile tro mheasadh san Ògmhios agus dh'innis tidsearan dhaibh ro dheireadh na teirm dè na comharran a fhuair iad.

Tha an àireamh a shoirbhich sìos am-bliadhna. Tha Ìre Nàiseanta a Còig sìos bho bheagan os cionn 89% ann an 2020 gu beagan nas lugha na 86%. Tha na Highers sìos bho chòrr 's 89% gu beagan a bharrachd air 87%. Anns na h-Advanced Highers tha iad sìos bho 93% gu 91%. Ged a tha fhuair barrachd chloinne ìre A am-bliadhna tha a' bheàrn eadar clann às na sgìrean bochda agus an fheadhainn as fheàrr dheth air leudachadh anns gach ìre de na deuchainnean.

Tha Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, agus a bhean a' toirt sgoil-àraich gu lagh agus iad a' cumail a-mach gun deach dì-meas a dhèanamh air an nighinn bhig aca a tha dà bhliadhna de dh'aois. Tha iad ag ràdh gun tuirt ionad Little Scholars ann an Dùn Dè nach robh àite aca dhan leanabh acasan ged a ghabh iad ri tagradh bho chloinn gheala le ainmean Albannach. Tha sgoil-àraich Little Scholars a' dol às àicheadh na casaid a tha sin.

Thog boireannach Aimeireaganach cùis lagha ann an New York an aghaidh a' Phrionnsa Anndra. Thog Virginia Giuffre casaidean den aon seòrsa an aghaidh Jeffery Epstein nach maireann a chaidh a dhìteadh airson eucoirean feiseil. Tha i a' sireadh airgid-dìolaidh agus i a' cumail a-mach gun tug Diùc Iorc ionnsaighean feiseil oire ann an 2001 nuair a bha ise seachd bliadhna deug a dh'aois. Tha an Diùc a' sìor a dhol às àicheadh nan casaidean sin.

Tha càineadh ann air plana Riaghaltas na h-Alba cosgais air rathaidean a dhùblachadh aig àm èiginn na gnàth-shìde. Tha am buidheann iomairt, Transform Scotland, ag ràdh gu bheil na planaichean gu tur an aghaidh bruidhinn sam bith air glèidheadh na h-àrainneachd agus dèiligeadh ri blàthachadh na cruinne. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach tog iad pròiseactan ùra sam bith a dh'fhàgadh tuilleadh trafaig air na rathaidhean.

Thuirt gnìomhachas nan càraichean gun robh na trì mìosan mu dheireadh air an fheadhainn as fheàrr riamh dhaibh airson reic chàraichean nach eil ùr. Bha còrr 's dùblachadh sa mhargaidh sin san Rìoghachd Aonaichte le còrr 's 2.2 millean càr ga reic eadar togail riaghailtean Covid agus cion chàraichean ùra air a' mhargaid.