
Mhol oifigearan dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd gun gabh buill ri planaichean gus baile ùr a thogail air seann làrach ghàrradh togail ann an Àird nan Saor, faisg air Inbhir Nis.
Thathas a' lorg cead gus faisg air 2,000 taigh ùr a thogail, a thuilleadh air marina agus taigh-òsta.
Chaidh cead a thoirt seachad roimhe airson leithid de phlana ann an 2007, ach cha deach e air adhart ri linn mar a thuit an eaconomaidh goirid às dèidh seo.
Thuirt oifigearan bhon Chomhairle gum biodh buannachdan mòra ann dhan sgìre nan deadh am pròiseact air adhart.