Rabhadh às ùr mu Chovid aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Dh'iarr Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air an t-sluagh fhathast a bhith mothachail mun chunnart bho Chovid-19, a dh'aindeoin is gun deach a' mhòr-chuid de na bacaidhean a bh' ann a thogail.

Thuirt am bòrd gu bheil dùil gun èirich cùisean den bhìoras anns na seachdainnean ri thighinn.

Dh'innis iad gun robh 400 cùis ùr ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd sa chiad sheachdain den Lùnastal is gun robh seo pìos math nas àirde na seachdainnean eile ron sin.

Bha 70 cùis ùr anns an sgìre Diciadain.

Loch Abar

Tha àrdachadh gu sònraichte sa Ghearasdan far an robh 56 cùis bho Dhihaoine.

Tha ìre Chovid-19 ann an Loch Abar an-dràsta aig 444 'son gach 100,000 duine.

Dh'innis am bòrd-slàinte gu bheil am bhìoras fhathast a' toirt buaidh air dachaighean-cùraim, gnothachasan is tachartasan sa cheann a tuath.

"Tha na mìosan a dh'fhalbh air a bhith dùbhlanach dhuinn uile, is tha e ceart is cothromach gun cleachd sinn na cothroman a th' againn às ùr le togail nam bacaidhean", thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, an Dr Tim Allison.

Mothachail

"'S urrainn dhuinn teaghlach is caraidean fhaicinn agus siubhal barrachd na bha. Ach le togail nam bacaidhean agus na sgoiltean gus tilleadh tha dùil againn gun èirich cùisean.

"Tha a h-uile duine air obrachadh cho cruaidh gus smachd a chumail air Covid is tha mi ag iarraidh air daoine fhathast a bhith mothachail mu chomharran is a bhith faiceallach", thuirt e.

Dh'innis an Dr Allison gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gun cum daoine le comharran fa leth is gun cuir iad air dòigh deuchainn PCR.

Thuirt e gu bheil am bòrd-slàinte cuideachd a' brosnachadh dhaoine gun chomharran deuchainnean LFD a dhèanamh gu cunbhalach.

Na h-Eileanan an Iar

Dh'iarr e cuideachd air daoine tighinn air adhart gus a' bhanachdach fhaighinn nuair a tha cothrom aca oirre, is e ag ràdh gur e seo an t-slighe as fheàrr a th' ann a-mach às a' phandemic.

Aig an dearbh àm, chaidh seachd cùisean ùra de Chovid-19 a dhearbhadh anns na h-Eileanan an Iar Diciadain.

Tha trì dhiubh sin ann an Uibhist a Deas, a dhà ann am Barraigh, is aonan an urra ann an Leòdhas is Uibhist a Tuath.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil clionaigean banachdaich a' leantainn is gum bu chòir duine sam bith a tha ga h-iarraidh fios a chur orra.